Konstitucija škotų gėlų kalba
Užupio Respublikos Konstitucija škotų gėlų kalba
Bun-reachd
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith a' fuireach ri taobh Abhainn Vilnele agus tha còir aig an Abhainn Vilnele sruthadh seachad air a h-uile duine.
- Tha còir aig a h-uile duine ri uisge teth, teas anns a' gheamhradh agus mullach le taidhlean.
- Tha còir aig a h-uile duine bàs fhaighinn, ach chan eil seo mar dhleastanas.
- Tha còir aig a h-uile duine mearachdan a dhèanamh.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith fa-leth.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith ann an gaol.
- Tha còir aig a h-uile duine gun cuidiegin a bhith ann an gaol riutha, ach chan fheumar seo a dhèanamh.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith neo-chomharraichte agus neò-aithnichte.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith dìomhaineach.
- Tha còir aig a h-uile duine gaol a bhith aca agus cùram a ghabhail dhen chat.
- Tha còir aig a h-uile duine coimhead às dèidh a' choin gus am bàsaich fear aca.
- Tha còir aig cù a bhith na chù.
- Chan eil e mar fhiachaibh air cat a bhith gaolach ris an neach leis a bheil e, ach feumaidh e cuideachadh ann an èiginn.
- Uaireanan tha còir aig a h-uile duine gun a fhios a bhith aca air an dleastanasan.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith teagmhach, ach chan e dleastanas a tha seo.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith toilichte.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith mì-thoilichte.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith sàmhach.
- Tha còir aig a h-uile duine creideas a bhith aca.
- Chan eil còir aig duine sam bith a bhith ri làmhachas-làidir.
- Tha còir aig a h-uile duine aithne a bhith aca air cho beag seagh 's a tha iad.
- Chan eil còir aig duine sam bith air bith-bhuantachd.
- Tha còir aig a h-uile duine tuigsinn.
- Tha còir aig a h-uile duine gun dad a thuigsinn.
- Tha còir aig a h-uile duine nàiseantachd sam bith a bhith aca.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith no gun a bhith a' comharrachadh an co-là-breith.
- Cuimhnichidh a h-uile duine an ainm.
- Faodaidh duine sam bith na tha leotha a roinn.
- Chan fhaod duine sam bith rud nach eil leotha a roinn.
- Tha còir aig a h-uile duine bràithrean, peathraichean agus pàrantan a bhith aca.
- Faodaidh a h-uile duine a bhith neo-eisimeileach.
- Tha a h-uile duine an urra ri an saorsa fhèin.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith a' rànaich.
- Tha còir aig a h-uile duine gun a bhith air an tuigsinn.
- Chan eil còir aig duine sam bith toirt air duine eile faireachdainn ciontach.
- Tha còir aig a h-uile duine a bhith nan daine neo-eisimeileach.
- Tha còir aig a h-uile duine gun còraichean a bhith aca.
- Tha còir aig a h-uile duine gun an t-eagal a bhith orra.
- Na dèan cron.
- Na sabaidich air ais.
- Na gèill.